Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:45

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha èirigh o ùrnaigh, thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus fhuair e nan cadal iad tro thùirse,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig e a‑chum nan deisciobal, agus fhuair e nan cadal iad, agus thubhairt e ri Peadar, An ann mar sin, nach b’urrainn sibh faire a dhèanamh aon uair a‑mhàin maille riumsa?

Agus thàinig e agus fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom.

Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?

Agus air dha a bhith ann an cruaidh-ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur cadal? Eiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan