Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gu robh dèante.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.

Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball-chrith.

Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball-chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò:

Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh rium, Gabh cuach-fhìona na fraoich-feirge seo as mo làimh-sa, agus thoir ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an cuir mise thu:

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

Ach fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air a’ chupan sin òl a dh’òlas mise, agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise? Thubhairt iad ris, Tha sinn comasach.

Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa.

A‑rìs an dara uair, dh’imich e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, O m’Athair, mura faodar gun tèid an cupan seo seachad orm gun mi ga òl, do thoil-sa gu robh dèante.

Agus dh’fhàg e iad, agus dh’imich e a‑rìs, agus rinn e ùrnaigh an treas uair, ag ràdh nam briathar ceudna.

Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh.

Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.

An sin thubhairt Iosa ri Peadar, Cuir do chlaidheamh anns an truaill: an cupan a thug m’Athair dhòmhsa, nach òl mi e?

Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh-sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.

Chan eil mise comasach air nì sam bith a dhèanamh uam fhèin: mar a chluinneas mi bheir mi breith: agus tha mo bhreitheanas ceart; do bhrìgh nach eil mi ag iarraidh mo thoile fhèin, ach toil an Athar a chuir uaithe mi.

Oir thàinig mi a‑nuas o nèamh, chan ann a‑chum gun dèanainn mo thoil fhèin, ach toil an tì a chuir uaithe mi.

Agus nuair nach gabhadh e comhairle, sguir sinne, ag ràdh, Dèanar toil an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan