Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig e don àite, thubhairt e riu, Dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gum beannaicheadh tu mi da‑rìribh, agus gun cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gum biodh do làmh leam, agus gun gleidheadh tu mi o olc, a‑chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an nì sin a ghuidh e.

Stiùir mo cheuman a rèir d’fhacail, agus na biodh aig euceart sam bith uachdaranachd orm.

Cùm suas mo cheuman ann ad shlighean, a‑chum nach sleamhnaich mo chasan.

Mar an ceudna, o pheacaidhean dànadais cùm air ais d’òglach; na biodh àrd-cheannas aca orm; an sin bidh mi ionraic, agus bidh mi neo-chiontach o easaontas mòr.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur cadal? Eiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh.

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan