Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich e, agus labhair e ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, cionnas a bhrathadh e esan dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè;

Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè.

An sin dh’imich aon den dà‑fhear-dheug, dom b’ainm Iùdas Iscariot, a‑chum nan àrd-shagart.

Agus bha iad subhach, agus rinn iad coicheangal airgead a thoirt dha.

An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn?

Agus am feadh a bha iad a’ labhairt ris an t‑sluagh, thàinig orra na sagartan, agus ceannard an teampaill, agus na Sadusaich;

A‑nis nuair a chuala an t‑àrd-shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.

An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo).




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan