Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iadsan, A Thighearna, feuch, tha dà chlaidheamh an seo. Agus thubhairt esan riu, Is leòr e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd-shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth.

An sin thubhairt e riu, Ach a‑nis ge bè aig a bheil sporan, togadh e e, agus mar an ceudna a mhàla: agus an tì aig nach eil claidheamh, reiceadh e a fhallaing, agus ceannaicheadh e aon.

Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall-san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh?

Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.

Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:

Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan