Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha mi ag ràdh ribh, gur èiginn fhathast an nì seo a tha sgrìobhte a choileanadh annamsa. Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach: oir tha crìoch aig na nithean ud a tha mum thimcheall-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì.

An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.

Agus ghabh e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem, agus bidh na h‑uile nithean a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.

Agus gu fìrinneach tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar a dh’òrdaicheadh: ach is an‑aoibhinn don duine sin leis am brathar e.

An sin thubhairt e riu, Ach a‑nis ge bè aig a bheil sporan, togadh e e, agus mar an ceudna a mhàla: agus an tì aig nach eil claidheamh, reiceadh e a fhallaing, agus ceannaicheadh e aon.

An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn?

Agus thugadh mar an ceudna dithis eile, a bha nan luchd droch-bheairt, a‑chum a bhith air an ceusadh maille ris.

Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.

Ma thubhairt e diathan riùsan, a dh’ionnsaigh an tàinig facal Dhè, agus nach faodar an sgriobtar a bhriseadh;

Ghlòraich mise thusa air thalamh: chrìochnaich mi an obair a thug thu dhomh ra dèanamh.

Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan