An sin thubhairt e riu, Ach a‑nis ge bè aig a bheil sporan, togadh e e, agus mar an ceudna a mhàla: agus an tì aig nach eil claidheamh, reiceadh e a fhallaing, agus ceannaicheadh e aon.
Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.
Oir tha mi ag ràdh ribh, gur èiginn fhathast an nì seo a tha sgrìobhte a choileanadh annamsa. Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach: oir tha crìoch aig na nithean ud a tha mum thimcheall-sa.
Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Oir gu deimhinn, nuair a bha sinn maille ribh, dh’innis sinn dhuibh ro‑làimh gu robh sinn gu àmhghar fhulang; eadhon mar a thachair, agus is aithne dhuibh.
Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;