Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì uairean gur aithne dhut mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air an oidhche seo fhèin mun goir an coileach, gun àich thu mi trì uairean.

An sin thòisich e ri mallachadh agus mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. Agus air ball ghoir an coileach.

Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.

Agus thubhairt esan ris, A Thighearna, tha mise ullamh gu dol maille riut araon a‑chum prìosain, agus a‑chum bàis.

Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.

Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean.

Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.

An sin dh’àich Peadar a‑rìs, agus air ball ghoir an coileach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan