Ach fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air a’ chupan sin òl a dh’òlas mise, agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise? Thubhairt iad ris, Tha sinn comasach.
Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.
Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.
An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.