Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh.
Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.
An dream air a’ charraig, is iad sin iadsan, nuair a dh’èisdeas iad, a ghabhas am facal dan ionnsaigh le gàirdeachas, ach chan eil aca seo freumh, muinntir a chreideas rè tamaill, agus an àm buairidh a tha a’ tuiteam air falbh.
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?
Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.
Muinntir a‑thaobh na fìrinn a chaidh air seachran, ag ràdh gun deachaidh an aiseirigh cheana seachad; agus a tha a’ tilgeadh creideamh dream àraidh bun-os‑cionn.
A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;
Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis-san ann an sìth sibh, gun smal agus neo-lochdach:
Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.