Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.
An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:
Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.
Agus tha gach uile ghleacair measarra anns na h‑uile nithean: a‑nis tha iadsan a’ dèanamh sin a‑chum gum faigh iad crùn truaillidh; ach sinne airson crùin neo-thruaillidh.
Agus tha ar dòchas daingeann dur taobh-se, do bhrìgh gu bheil fhios againn, mar a tha sibh nur luchd-compàirt de na fulangasan, gum bi sibh mar an ceudna den chomhfhurtachd.
Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?