Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach na bithibh-se mar sin: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach mar sin cha bhi e nur measg-se: ach ge bè neach lem b’àill a bhith mòr nur measg, biodh e dhuibh na fhear-frithealaidh.

Ach cha bhi e mar sin nur measg-se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh:

Agus air suidhe dha, ghairm e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Ge bè neach leis am miann a bhith air thoiseach, bidh esan air dheireadh air càch uile, agus na sheirbhiseach do na h‑uile.

Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Cha mhò mar thighearnan os cionn oighreachd Dhè, ach mar dhream a tha nan eisimpleirean don treud.

Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan