Agus thòisich iadsan air fiosrachadh eatorra fhèin, cò aca a bha gus an nì seo a dhèanamh.
Agus bha iad ro‑bhrònach, agus thòisich gach aon aca fa‑leth air a ràdh ris, Am mise e, a Thighearna?
Agus thòisich iad air a bhith dubhach, agus a ràdh ris, an dèidh a chèile, Am mise e? Agus fear eile, Am mise e?
Agus gu fìrinneach tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar a dh’òrdaicheadh: ach is an‑aoibhinn don duine sin leis am brathar e.
Agus bha mar an ceudna còmhstri eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh.