Ach feuch, làmh an tì a bhrathas mise maille rium air a’ bhòrd.
Ghabh luchd mo rùin uile gràin dhìom; agus tha iadsan a ghràdhaich mi air tionndadh am aghaidh.
Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.
Agus air teachd don fheasgar, thàinig esan maille ris an dà‑fhear-dheug.
Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin.