Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.
A rinn sinne mar an ceudna nar ministearan foghainteach an tiomnaidh nuaidh; chan ann den litir, ach den Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.
Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.