Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.

Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.

Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.

Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan-tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach.

Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon-nuadh na h‑òighean, subhach.

Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.

Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar.

Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.

Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.

Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd.

Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean seo a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè fagas do làimh.

Oir tha mi ag ràdh ribh, nach ith mi dhith tuilleadh gus an coileanar i ann an rìoghachd Dhè.

Ach tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè.

A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:

Agus thubhairt an fhìonain riu, Am fàgainn-sa m’fhìon, a tha a’ toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan