Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh fhèin e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna.

Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis.

Agus cha bhris daoine aran nam measg ri àm bròin, a‑chum comhfhurtachd a thoirt dhaibh airson neach a fhuair bàs; cha mhò a bheirear dhaibh deoch à cupan na comhfhurtachd, airson athair neach, no airson a mhàthar.

Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.

Agus air glacadh nan seachd buileann agus nan iasg dha, agus air tabhairt buidheachais, bhris e iad, agus thug e da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.

Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa.

Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp-sa.

Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.

Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh.

An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia.

Cupan a’ bheannachaidh a tha sinne a’ beannachadh, nach e comann fuil Chrìosd e: an t‑aran a tha sinn a’ briseadh, nach e comann corp Chrìosd e?

Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e:

Nuair a dh’itheas tu agus a shàsaichear thu, an sin beannaichidh tu an Tighearna do Dhia airson an fhearainn mhaith a thug e dhut.

Nuair a thèid sibh a‑steach don bhaile, air ball gheibh sibh e, mun tèid e suas don ionad àrd a dh’ithe: oir chan ith an sluagh gus an tig e, a chionn gum beannaich e an ìobairt, agus an dèidh sin ithidh iadsan a chuireadh. A‑nis uime sin rachaibh suas, oir mun àm seo gheibh sibh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan