Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus feuchaidh e dhuibh àrd-sheòmar farsaing, uidheamaichte: ullaichibh an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus abraibh ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoidheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg.

Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.

Agus bha mòran lòchran anns an t‑seòmar uachdarach, far an robh iad cruinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan