Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus abraibh ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoidheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus ma labhras aon duine nì air bith ribh, abraibh gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh e uaithe air ball iad.

Agus ge bè àit an tèid e a‑steach, abraibh-se ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh, Càit a bheil an seòmar-aoidheachd, anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Agus ma dh’fheòraicheas neach air bith dhibh, Carson a tha sibh ga fhuasgladh? mar seo their sibh ris, Tha feum aig an Tighearna air.

Agus thubhairt iadsan, Tha feum aig an Tighearna air.

Agus nuair a thàinig Iosa a‑chum an àite sin, air dha amharc suas, chunnaic e e, agus thubhairt e ris, A Shachèuis, thig a‑nuas gu grad; oir is èiginn dhòmhsa stad an‑diugh aig do thaigh.

Agus thubhairt e riu, Feuch, air dhuibh dol a‑steach don bhaile, tachraidh oirbh duine, a’ giùlan soitheach uisge; leanaibh e don taigh anns an tèid e a‑steach.

Agus feuchaidh e dhuibh àrd-sheòmar farsaing, uidheamaichte: ullaichibh an sin.

Agus air dha na nithean seo a ràdh, dh’fhalbh i, agus ghairm i a piuthar Muire ann an uaigneas, ag ràdh, Thàinig am Maighistir, agus tha e gad ghairm.

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan