Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr-gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna.

Na abraibh-sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas-san, agus na biodh geilt oirbh.

An sin thubhairt e riu, Eiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd:

Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas.

Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan