Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.
Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.
Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch?
Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr-gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.
An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo.
Nach eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd-dèanamh na h‑eucoir rìoghachd Dhè? Na meallar sibh: cha sealbhaich luchd-strìopachais, no luchd-iodhal-adhraidh, no luchd-adhaltranais, no luchd-macnais, no na daoine a tha ciontach de neò-ghlaine mhì-nàdurra,
Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn-creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios;
A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.
Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.
Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.
Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.