Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt neach ris an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, Cia fhad a bhios gu crìch nan iongantas seo?

Agus chuala mi, ach cha do thuig mi: an sin thubhairt mi, O mo thighearna, ciod a’ chrìoch a bhios aig na nithean seo?

Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?

Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean seo uile.

A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos.

Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan