Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.
Carson a rinn thu fàistneachd ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Bidh an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus cuirear a’ chathair seo fàs gun aon ga h‑àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah ann an taigh an Tighearna.
Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile.
Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch?