Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thilg iad seo uile dem pailteas a‑steach do thìodhlacan Dhè: ach thilg ise de a h‑uireasbhaidh fhèin am beathachadh uile a bha aice.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid-roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh.

Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo nas mò ann na iad uile.

Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna-dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith.

Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo;

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan