Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm?

Air an adhbhar sin cha seas na h‑aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coitheanal nam fìrean.

Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cha bhi Ionadab mac Rechaibh gun duine aige gu seasamh ann am làthair-sa gu bràth.

Ach cò a dh’fhaodas là a theachd a ghiùlan? Agus cò a sheasas nuair a dh’fhoillsichear e? Oir is cosmhail e ri teine an fhir-leaghaidh, agus ri acfhainn-ghlanaidh an fhir a nigheas aodach:

Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.

Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.

Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.

Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.

Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha gun amharas an spiorad togarrach; ach tha an fheòil anfhann.

Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha.

Thugaibh fa‑near, dèanaibh faire agus ùrnaigh; oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm.

Agus na nithean a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ris na h‑uile dhaoine, Dèanaibh faire.

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.

Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

Ach an dream sin a mheasar gur airidh iad air an t‑saoghal ud fhaghail, agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a’ pòsadh, no air an toirt ann am pòsadh.

Oir mar ribe thig e air na h‑uile dhaoine, a tha ag àiteachadh aghaidh na talmhainn uile.

Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dhè maille ra thaigh uile, a bha a’ toirt mòran dèirce don t‑sluagh, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri Dia a‑ghnàth.

Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.

Air dhuinn fios a bhith againn, an tì a thog suas an Tighearna Iosa, gun tog e sinne suas mar an ceudna tre Iosa, agus gun cuir e na làthair sinn maille ribhse.

Buanaichibh ann an ùrnaigh, a’ dèanamh faire innte le breith-buidheachais;

Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.

Ach dèan thusa faire anns na h‑uile nithean, fuiling cruaidh-chàs, dèan obair soisgeulaiche, làn-choilean do mhinistrealachd.

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd.

A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo-lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr,

Is iad seo an dà chrann-ola, agus an dà choinnleir a tha nan seasamh an làthair Dia na talmhainn.

Oir thàinig là mòr a fheirge-san; agus cò a dh’fhaodas seasamh?

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;

Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan