Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

Thig, thugamaid air ar n‑athair fìon òl, agus laigheamaid maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair.

Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin mar an ceudna: agus dh’èirich an tè a b’òige, agus laigh i maille ris; agus cha do mhothaich e nuair a laigh i sìos, no nuair a dh’èirich i.

Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsaigh a mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhainn le a athair.

Thigeadh sgrios air gun fhios dha, agus a lìon a dh’fhalaich e, glacadh e e fhèin; anns an sgrios sin tuiteadh e.

Is peacach sealladh àrd, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh.

Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla.

Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.

Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.

Bheir strìopachas, agus fìon, agus fìon nuadh, air falbh an cridhe.

Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;

Esan mar an ceudna a ghabh sìol am measg an droighinn, is e seo an tì a tha a’ cluinntinn an fhacail; agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd beartais, a’ mùchadh an fhacail, agus bidh e gun toradh.

Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon-sa, mar fhianais dhaibhsan.

Agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd saoibhreis, agus ana-miannan nithean eile a’ teachd a‑steach, agus a’ tachdadh an fhacail, agus nìthear neo-thorrach e.

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:

Bithibh-se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.

Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha.

Oir mar ribe thig e air na h‑uile dhaoine, a tha ag àiteachadh aghaidh na talmhainn uile.

Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.

Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.

Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear-neòghlaine, no sanntach, no na fhear-iodhal-adhraidh, no na fhear-ana-cainnt, no na mhisgeir, no na fhear-fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe.

No gadaichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd-ana-cainnt, no luchd-fòirneirt, rìoghachd Dhè.

Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.

Agus nuair a chluinneas e briathran a’ mhallachaidh seo, an sin gum beannaich e e fhèin na chridhe, ag ràdh, Bidh sìth agam, ged a ghluais mi ann an ana-miann mo chridhe fhèin, a chur misge ri pathadh:

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis-san ann an sìth sibh, gun smal agus neo-lochdach:

Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.

Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan