Chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus, feuch, thàinig neach cosmhail ri mac an duine le neòil nèimh, agus thàinig e a‑chum Aosda nan Làithean, agus thug iad e dlùth na làthair.
Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.
Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.
Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.