Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Ged bheuc na h‑uisgeachan, agus ged chuirear thar a chèile iad; ged chriothnaich na beanntan le a h‑ataireachd. Selah.

Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.

Is an‑aoibhinn do mhòr-chuideachd nam fineachan lìonmhor, a tha a’ dèanamh fuaim mar fhuaim nan cuantan; agus do bheucaich nan cinneach, a tha ri beucaich cosmhail ri toirm uisgeachan làidir.

An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.

Agus anns an là sin beucaidh iad nan aghaidh, mar bheucaich na fairge; agus seallaidh iad air an talamh, agus, feuch, dorchadas agus teanntachd; agus bidh an solas air a dhorchachadh anns na speuran.

Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.

Chunnaic mi an talamh, agus, feuch, bha e gun dealbh agus falamh; na nèamhan fòs, agus bha iad gun solas.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Tha an tì as fheàrr dhiubh mar dhris: tha an tì as ionraice nam measg mar phris dhroighinn: is i seo là do luchd-faire; tha do smachdachadh air teachd; a‑nis bidh iad ann an imcheist.

Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair.

Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe;

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr-chumhachd agus glòir.

Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair.

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.

Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

Agus nochdaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas, agus comharraidhean air an talamh shìos; fuil, agus teine, agus dubh-neul deataich:

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan