Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Bhruich làmhan nam ban iochdmhor an clann fhèin; b’iad am biadh ann an lèirsgrios nighean mo shluaigh.

Agus thubhairt e, Feuch, bheir mise fios dhut ciod a thachras ann an crìch dheireannaich na dian-fheirge: oir anns an àm a shònraicheadh thig a’ chrìoch.

Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh?

Thubhairt iad ris, Sgriosaidh e gu truagh na droch dhaoine sin, agus suidhichidh e am fìonlios air tuath eile, a bheir a thoradh dha na aimsir fhèin.

Agus ge bè neach a thuiteas air a’ chloich seo, brisear e; ach ge bè air an tuit i, nì i mìn-luaithre dheth.

Agus is an‑aoibhinn do na mnathan torrach, agus dhaibhsan a bheir cìoch uapa anns na làithean sin.

Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin!

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;

Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.

Tha mi a’ meas uime sin gu bheil seo math airson na teanntachd a tha an làthair; tha mi ag ràdh gu bheil e math do dhuine a bhith mar sin.

A tha a’ bacadh dhuinne labhairt ris na Cinnich, a‑chum gum biodh iad air an tèarnadh, a‑chum sìor-lìonadh suas am peacaidhean: oir thàinig an fhearg orra mu dheireadh.

Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.

Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas-umhail do shoisgeul Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan