(An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon-se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte.
Agus nuair a thug iad a‑mach iad, thubhairt e, Teich airson d’anama; na seall ad dhèidh, agus na stad anns a’ chòmhnard uile; teich don t‑sliabh, air eagal gum millear thu.
Ach thàrladh, nuair a thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos don fhearann, gun dubhairt sinn, Thigibh, agus rachamaid gu Ierusalem, air eagal feachd nan Caldèanach, agus air eagal feachd nan Sirianach: air an adhbhar sin tha sinn a chòmhnaidh ann an Ierusalem.
Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.
Agus labhair e ris a’ cho-chruinneachadh, ag ràdh, Sgaraibh sibh fhèin, guidheam oirbh, o bhùthan nan daoine aingidh ud, agus na beanaibh ri nì sam bith as leo, air eagal gun sgriosar sibh nam peacaidhean uile.
Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com-pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean;