Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.

Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),

Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;

Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch?

Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan