Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.

Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh.

Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.

Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.

Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.

Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;

Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:

Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.

A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;

Agus gun seòladh an Tighearna ur cridheachan a‑chum gràdh Dhè, agus a‑chum foighidinn Chrìosd.

Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.

Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:

Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh.

Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn.

Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.

Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd;

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.

An seo tha foighidinn nan naomh: an seo tha an dream a choimheadas àitheantan Dhè, agus creideamh Iosa.

A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan