An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr.
Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.
Gidheadh dh’èirich duine gu dol air do thòir, agus a dh’iarraidh d’anama: ach bidh anam mo thighearna air a cheangal suas ann an ceanglachan na beatha aig an Tighearna do Dhia; agus anaman do naimhdean, iadsan tilgidh e a‑mach, mar à meadhon croinn-tabhaill.