Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a nì iad geur-leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth-sa.
Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd-dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs.
Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.
Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.
Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur-leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir.
Oir tha sinne a tha beò a‑ghnàth air ar toirt a‑chum bàis airson Iosa, a‑chum gum biodh mar an ceudna beatha Iosa air a dèanamh follaiseach nar feòil bhàsmhoir-ne.
Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.