Anns an là sin bheir mi air adhairc taigh Israeil briseadh a‑mach, agus bheir mi dhutsa fosgladh a’ bheòil nam meadhon; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd-dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs.
Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.