Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 21:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus rug a’ chuid eile dhiubh air a sheirbhisich, agus thug iad masladh dhaibh, agus mharbh iad iad.

Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean.

Agus bidh crithean-talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh.

Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.

Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme-sa, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi.

Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.

Agus dh’aontaich iad leis-san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad.

Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Uime sin bithibh umhail do gach uile riaghailt dhaoine airson an Tighearna: mas ann don rìgh mar an tì as àirde inbhe;

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan