Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.
(Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi buaireas mòr on Tighearna nam measg: agus glacaidh iad greim, gach aon de làimh a choimhearsnaich; agus èiridh a làmh suas an aghaidh làmh a choimhearsnaich.
Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.
Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr-gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.
Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.
Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.