Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh.
Ach ghabh Iehoiada an sagart ciste, agus rinn e toll na h‑uachdar, agus chuir e i ri taobh na h‑altarach air an làimh dheis, mar a thig duine a‑steach do thaigh an Tighearna: agus ann an sin chuir na sagartan a bha a’ gleidheadh an dorais an t‑airgead uile a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna.
Agus thug e a‑mach as a sin uile ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus gheàrr e nam bloighdean na soithichean òir uile a rinn Solamh rìgh Israeil ann an teampall an Tighearna, mar a labhair an Tighearna.
Agus uile shoithichean taigh Dhè, mòr agus beag, agus ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan an rìgh agus a uachdaran, thug e leis uile do Bhàbilon.
Agus chuir mi luchd-coimhead os cionn nan ionmhas, Selemiah an sagart, agus Sadoc an sgrìobhaiche; agus de na Lèbhithich, Pedaiah; agus làimh riùsan Hanan mac Shacuir, mhic Mhataniah: oir mheasadh fìrinneach iad, agus bha orrasan roinn air am bràithrean.
Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh-coimhead an ionmhais, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd.
Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna.