Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thòisich e air a’ chosamhlachd seo a labhairt ris an t‑sluagh: Phlanndaich duine àraidh fìonlios, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e air choigrich rè aimsir fhada.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Gidheadh shuidhich mise thu ad fhìonain uasail, gu h‑iomlan ad shìol ceart: ach cionnas a chaochail thu orm, a’ gheug chrìonaich na fìonain choimhich?

Oir is cosmhail e ri duine a’ dol air choigrich, a ghairm a sheirbhisich, agus a thug dhaibh a mhaoin:

Air an adhbhar sin thubhairt e, Chaidh duine uasal àraidh do dhùthaich fad as a dh’fhaotainn rìoghachd dha fhèin, agus a thilleadh air ais.

Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gun tugadh iad dha de thoradh an fhìonlios: ach ghabh an tuath air, agus chuir iad uapa falamh e.

Agus thubhairt Iosa riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.

Britheamhan, agus uachdarain nì thu dhut fhèin, an taobh a‑staigh ded gheatachan uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhut, air feadh do threubh: agus bheir iad breith air an t‑sluagh le ceart bhreitheanas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan