Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair iadsan, nach robh fhios aca cia uaithe a bha e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.

Oir dh’amhairc mi, agus cha robh neach ann, agus nam measg cha robh fear-comhairle; no neach a bheireadh freagradh nuair a dh’fheòraich mi dhiubh.

Chan eil eòlas aca, cha mhò a tha tuigse aca; oir dhruid e an sùilean air chor is nach faic iad, agus an cridheachan air chor is nach tuig iad.

Agus thubhairt an Tighearna rium a‑rìs, Gabh ad ionnsaigh fhathast innealan buachaille amaidich:

Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.

Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin.

Agus thubhairt Iosa riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.

Agus thubhairt Iosa, Is ann a‑chum breitheanais a thàinig mise a‑chum an t‑saoghail seo, a‑chum iadsan nach eil a’ faicinn, gum faiceadh iad; agus gum biodh iadsan a tha a’ faicinn, air an dèanamh dall.

Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd-fochaid, ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan