Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, o nèamh; their esan, Carson, matà, nach do chreid sibh e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.

Baisteadh Eòin, cia as a thàinig e? O nèamh, no o dhaoine? Ach reusonaich iadsan nam measg fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh, their esan rinn, Carson, mas eadh, nach do chreid sibh e?

Baisteadh Eòin, an ann o nèamh a bha e, no o dhaoine?

Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin.

Is e seo an tì mun dubhairt mi, Tha fear a’ teachd am dhèidh aig a bheil barrachd orm; oir bha e romham.

Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè.

Agus thàinig iad a‑chum Eòin, agus thubhairt iad ris, A mhaighistir, an tì a bha maille riut an taobh thall de Iòrdan, don tug thu fianais, feuch, tha esan a’ baisteadh, agus tha na h‑uile dhaoine a’ teachd da ionnsaigh.

An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.

Agus mar a choilean Eòin a thriall, thubhairt e, An tì a tha sibh a’ saoilsinn as mise, cha mhi e. Ach feuch, tha neach a’ teachd am dhèidh, nach airidh mi air brògan a chas fhuasgladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan