Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A shluigeas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.

Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.

Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.

Tha iad a’ saltairt sìos ceann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine: agus tha duine agus a athair a’ dol a‑steach a‑chum na h‑aon ghruagaich, a thruailleadh m’ainm naoimh-sa.

Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.

Ach o chionn fhada dh’èirich mo shluagh suas mar nàmhaid: tha sibh a’ spìonadh na fallaing, maille ris an trusgan, on mhuinntir a tha ag imeachd seachad gu tèarainte, mar dhaoine gun spèis de chogadh.

Sibhse a tha a’ fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gràdhachadh an uilc; a tha a’ spìonadh dhiubh an craicinn, agus am feòla bhàrr an cnàmh:

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò.

A dh’itheas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Thugaibh an aire dhuibh fhèin o na sgrìobhaichean, leis am miann imeachd ann an culaidhean fada, agus leis an ionmhainn fàilte fhaotainn air na margaidhean, agus na cathraichean as àirde anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig fèillean;

Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite-coimhead an ionmhais.

Oir cha do ghnàthaich sinn uair air bith briathran miodalach, mar as aithne dhuibh, no leisgeul sannt; is e Dia ar fianais:

Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.

Mo bhràithrean, na bithibh nur mòran mhaighistirean, air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sinne an tuilleadh breitheanais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan