Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha Daibhidh air an adhbhar sin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Oir rugadh dhuibh an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna.

Gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

An sin thubhairt e ra dheisciobail, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile,

Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan