Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.
Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite-còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd.