Agus cha robh a chridhe aca tuilleadh nì sam bith fheòraich dheth.
Freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi e glic na shùilean fhèin.
Agus cha b’urrainn aon neach freagradh sam bith a thabhairt air; cha mhò a bha chridhe aig aon neach, on là sin suas, nì air bith fheòrach dheth.
Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air.
Agus cha b’urrainn iad a fhreagairt a‑rìs anns na nithean sin.
An sin fhreagair dream àraidh de na sgrìobhaichean, agus thubhairt iad, A Mhaighistir, is math a labhair thu.