Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chan urrainn iad bàs fhaghail nas mò; oir tha iad ann an co‑inbhe ris na h‑ainglean; agus is iad clann Dhè iad, air bhith dhaibh nan cloinn don aiseirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.

Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean-sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan-coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat.

Oir anns an aiseirigh cha dèan iad pòsadh, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar aingil Dhè air nèamh.

Oir nuair a dh’èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar na h‑ainglean a tha air nèamh.

Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè:

Sgriosar an nàmhaid deireannach, am bàs.

Agus is ann mar sin a bhios aiseirigh nam marbh. Cuirear ann an truaillidheachd e; togar ann an neo-thruaillidheachd e:

Agus mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine thalmhaidh, giùlanaidh sinn mar an ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidh.

A chruth-atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.

Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.

Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.

An sin thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: oir is co‑sheirbhiseach dhut mise, agus dod bhràithrean na fàidhean, agus dhaibhsan a choimheadas briathran an leabhair seo: dèan adhradh do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan