Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd.
Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.
Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile.