Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse; agus freagraibh mi:
Agus labhair iad ris, ag ràdh, Innis dhuinn ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? No cò esan a thug an t‑ùghdarras seo dhut?
Baisteadh Eòin, an ann o nèamh a bha e, no o dhaoine?
Agus ma dh’fheòraicheas mi nì air bith, cha toir sibh freagradh dhomh, agus cha leig sibh as mi.
Biodh ur còmhradh a‑ghnàth ann an gràs, air a dhèanamh blasda le salann, a‑chum gum bi fhios agaibh cionnas as còir dhuibh gach neach a fhreagairt.