An sin thàinig da ionnsaigh dream àraidh de na Sadusaich, a tha ag àicheadh gu bheil aiseirigh ann, agus dh’fheòraich iad dheth,
Agus air teachd do na Pharasaich agus do na Sadusaich ga dhearbhadh, dh’iarr iad air comharradh a nochdadh dhaibh o nèamh.
An sin thuig iad cionnas nach d’iarr e orra a bhith air am faicill o thaois ghoirt an arain, ach o theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.
Agus thubhairt Iosa riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o thaois ghoirt nam Pharasach, agus nan Sadusach.
An sin dh’èirich an t‑àrd-shagart, agus iadsan uile a bha maille ris, (eadhon luchd-bharail nan Sadusach), agus lìonadh iad le eud.
A‑nis ma shearmonaichear Crìosd, gun d’èirich e o na mairbh, cionnas a tha cuid nur measg-se ag ràdh nach eil aiseirigh nam marbh ann?