An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann.
Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.
Agus nuair a thubhairt e na nithean sin, chuireadh a naimhdean uile gu nàire; ach rinn an sluagh uile gàirdeachas, airson nan uile nithean glòrmhor a rinneadh leis.
Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.
A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.